610a. Miorbhail Gràis

1. O Miorbhail gràis! nach breagh' an ceòl:
'S e lorg mi 's mi air chall,
Air seachran dorch', gun neart, gun treòir,
'S a dh'fhosgail sùilean dall.

2. 'S e gràs thug eòlas dhomh air m'fheum;
'S e gràs thug saors' is sìth;
'S cha cheannaicheadh òr a' chruinne-chè
Chiad là bha fois nam chrìdh.

3. Tro iomadh cunnart 's trioblaid chruaidh
thug E gu sàbhailt mi.
An gràs a shaor bhon bhàs le buaidh
Chan fhàg 's cha trèig gu sìor.

4. San dachaigh bhuan gun uair gun tìm,
'S deich mìle bliadhn' mar là,
Cha sguir an ceòl 's chan fhàs iad sgìth
A' seinn a chaoidh mun ghràs.

Text Information
First Line: O Miorbhail gràis! nach breagh' an ceòl:
Title: Miorbhail Gràis
English Title: Amazing Grace
Author: Iain Newton
Author: Iain Newton
Author: Iain Newton
Translator: Skotgaeliginto nekonata
Translator: Skotgaeliginto nekonata
Translator: Skotgaeliginto nekonata
Topic: Graco de Dio
Tune Information
Name: AMAZING GRACE (ORB)
Composer: Anonima
Source: Anonymous melody sung by the Old Regular Baptists of Kentucky



Media
MIDI file: Amazing Grace (ORB)

Suggestions or corrections? Contact us