611. Seall Thall Tighinn Bhon Ear

1. Seall thall tighinn bhon ear le sealladh bho Nèamh,
Tha daoine nan cabhaig a' leantainn na rèilt;
San stàball le leanabh tha Moire cho sèimh
Am prasaich, gun dhearain, gràdh Dhè dhuinn.
O reult, thoir dhomh soillse 's an oidhch' a' fàs dorch',
Mi creidsinn do gheallaidh, mo thaic thu 's mo threòir;
Cuir solas air slighe a rithist led ghlòir,
Ach am faic mi am prasaich do ghràdh dhomh.

2. Thàing ainglean gu talamh le moladh is seinn,
Air mòintich gach cìobair le chaoraich am faing;
Theich cadal is leum iad, le aoibhneas toirt taing,
Is ruith iad nan deann chun an stàbaill.
O reult, thoir dhomh soillse 's an oidhch' a' fàs dorch',
Mi creidsinn do gheallaidh, mo thaic thu 's mo threòir;
Cuir solas air slighe a rithist led ghlòir,
Ach am faic mi am prasaich do ghràdh dhomh.

3. Cha sguir ainglean a chaoidh a' moladh a ghràidh,
San reult bidh soillse a dh'oidhche 's a là;
Bidh'm fonn ud nan cluasan 's nan crìdhe gu bràth
Am prasaich, san stàball, gràdh Dhè dhhuinn.
O reult, thoir dhomh soillse 's an oidhch' a' fàs dorch',
Mi creidsinn do gheallaidh, mo thaic thu 's mo threòir;
Cuir solas air slighe a rithist led ghlòir,
Ach am faic mi am prasaich do ghràdh dhomh.

Text Information
First Line: Seall Thall Tighinn Bhon Ear
Title: Seall Thall Tighinn Bhon Ear
Author: an t-Urr. Iain MacLeòid
Refrain First Line: O reult, thoir dhomh soillse 's an oidhch' a' fàs dorch'
Language: Scottish Gaelic
Topic: Christmas
Tune Information
Name: AN T-EILEAN DORCHA
Composer: Iain MacLachliann (1958)
Copyright: La origino kaj kopirajta stato de tiu ĉi melodio, kaj de ĝia (sekulara) plej konata teksto (Dark Island), estas disputataj.; [The origin and copyright status of this melody, and of its (secular) best known text (Dark Island), are disputed.



Media
MIDI file: An t-Eilean Dorcha

Suggestions or corrections? Contact us