Seall Thall Tighinn Bhon Ear

Seall Thall Tighinn Bhon Ear

Author: John MacLeod
Tune: AN T-EILEAN DORCHA
Published in 1 hymnal

Audio files: MIDI

Full Text

1. Seall thall tighinn bhon ear le sealladh bho Nèamh,
Tha daoine nan cabhaig a' leantainn na rèilt;
San stàball le leanabh tha Moire cho sèimh
Am prasaich, gun dhearain, gràdh Dhè dhuinn.
O reult, thoir dhomh soillse 's an oidhch' a' fàs dorch',
Mi creidsinn do gheallaidh, mo thaic thu 's mo threòir;
Cuir solas air slighe a rithist led ghlòir,
Ach am faic mi am prasaich do ghràdh dhomh.

2. Thàing ainglean gu talamh le moladh is seinn,
Air mòintich gach cìobair le chaoraich am faing;
Theich cadal is leum iad, le aoibhneas toirt taing,
Is ruith iad nan deann chun an stàbaill.
O reult, thoir dhomh soillse 's an oidhch' a' fàs dorch',
Mi creidsinn do gheallaidh, mo thaic thu 's mo threòir;
Cuir solas air slighe a rithist led ghlòir,
Ach am faic mi am prasaich do ghràdh dhomh.

3. Cha sguir ainglean a chaoidh a' moladh a ghràidh,
San reult bidh soillse a dh'oidhche 's a là;
Bidh'm fonn ud nan cluasan 's nan crìdhe gu bràth
Am prasaich, san stàball, gràdh Dhè dhhuinn.
O reult, thoir dhomh soillse 's an oidhch' a' fàs dorch',
Mi creidsinn do gheallaidh, mo thaic thu 's mo threòir;
Cuir solas air slighe a rithist led ghlòir,
Ach am faic mi am prasaich do ghràdh dhomh.

Source: TTT-Himnaro Cigneta #611

Author: John MacLeod

(no biographical information available about John MacLeod.) Go to person page >

Text Information

First Line: Seall Thall Tighinn Bhon Ear
Author: John MacLeod
Language: Gaelic
Refrain First Line: O reult, thoir dhomh soillse 's an oidhch' a' fàs dorch'



Advertisements